» 
 » 
Laoidh Sliochd nan Gaidheal



Traditional - Laoidh Sliochd nan Gaidheal - текст песни (слова)

Eisd ri ar n-ùrnaigh, Rìgh na Glòir', 
 Cum sinne treòrach, treun
 Mar chum thu ar sinnsirean a thàinig thar chuain 
 Sàbhailt nad làmhan fhèin.
 
 Measg ghaoithean searbh is shiantan garbh 
 'S Tusa fear-stiùiridh ar luing'
 Leat-sa air bòrd, aotrom a'bhòids' 
 Gun eagal is Tusa leinn.
 
 Anmoch is tràth, gach oidhche's a latha 
 'Gad leantainn troimh'n ioma-ghaoith 
 Ar sùilean ort fhèin, 's Tu ghairm oirnn o chèin 
 Na dìobair sinn, Dhé, a chaoidh.
 
 Bidh leinne gach là, ar companach tlàth 
 Gu ruig sinn ar dachaidh bhuan; 
 Do Iosa ar gràdh, a dh'fhuilig 'nar n-àit' 
 Bidh glòir gu siorraidh buan.   
Другие материалы по этой песне:

https://primanota.net/traditional/laoidh-sliochd-nan-gaidheal-lyrics.htm