O Chanada, dùthaich nan gaisgeach còir Crùn air do cheann De dhuilleig dheirg is òir; Bho chuan gu cuan le òran binn Do chliù nì sinn a' luaidh; Fo dhion do sgéith tha saorsa ghrinn Nach spìon an nàmhaid uainn; O Chanada, dùrachd ar crìdh' Sonas le sìth is maitheas Dhé d'ar tìr, Sonas le sìth is maitheas Dhé d'ar tìr!