» 
 » 
Leanabh an Àigh



Le Màiri Dhòmhnallach - Leanabh an Àigh - текст песни (слова)

1. Leanabh an àigh, an leanabh bh' aig Màiri 
 Rugadh 's an stàbull, Righ nan Dùl; 
 Thàinig do 'n fhàsach, dh'fhulang 'n ar n-àite
 'Son iad an àireamh, bhitheas dha dlùth. 
 
 2. Ged a bhios leanaban aig rìghrean na talmhainn 
 An greadhnachas garbh is anabarr mùirn 
 'S geàrr gus am falbh iad 's fàsaidh iad anfhann 
 An áilleachd 'san dealbh a' searg 'san ùir. 
 
 3. Cha b' ionnan 's an t-Uan 'thàinig gar fuasgldh 
 Iriosal stuama Ghluais e 'n tùs 
 'S E naomh gun truailleachd cruithear an t-sluaigh 
 Dh' èirich e suas le buaidh o 'n ùir. 
 
 4. Leanabh an àigh, mar dh'aithris na fàidhean;
 'S na h-àinglean àrd', b' E miann an sùl;
 'S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dhà.
 Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.   
Другие материалы по этой песне:

https://primanota.net/le-mairi-dhomhnallach/leanabh-an-aigh-lyrics.htm