» 
 » 
Cumha Cheap Breatainn



Traditional - Cumha Cheap Breatainn - текст песни (слова)

Verses:
 
 1. Chì mi bhuam, fada bhuam,
 Chì mi bhuam ri muir làin;
 Chì mi Ceap Breatuinn mo luaidh
 Fada bhuam thar an t-sàil.
 
 2. Chì mi Creiginnis nan craobh,
 Le cuid aonaichean àrd;
 'S an Rugh' Fada tha ri taobh
 Gheibhte maoin ann 'us bàrr.
 
 3. Chì mi Siudaig nam fear cruaidh,
 Chì mi Bruaich nam fear àrd,
 Bha Clann Sheumais ann ri uair
 Laoich a bhuanaicheadh blàr.
 
 4. Chì mi Sestico nan tùr,
 'S am bheil bùthan 'us sràid;
 Chì mi Mabù air a' chùl
 B' i sid dùthaich mo ghràidh.
 
 5. Chì mi cladach Meinn a' Ghuail,
 'S am bidh buar agus gràn;
 'S Rugh' an t-Seallaidh fad mu thuath,
 Creagach, fuar agus àrd.   
Другие материалы по этой песне:

https://primanota.net/traditional/cumha-cheap-breatainn-lyrics.htm