» 
 » 
Canan nan Gaidheal



Traditional - Canan nan Gaidheal - текст песни (слова)

1. Cha b'e sneachda's an reothadh bho thuath,
 Cha b'e'n crannadh geur fuar bho'n ear,
 Cha b'e'n t-uisge is gaillionn bho'n iar, 
 Ach an galar a bhlian bho'n deas.
 
 Blàth duilleach, stoc agus freumh,
 Cànan mo threubh is mo shluaigh.
 
 Chorus:
 Thig thugainn thig co' ruinn gu siar,
 Gus an cluinn sinn ann cànan nam Féinn;
 Thig thugainn thig co 'ruinn gu siar,
 Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gaidheal.
 
 2. Bheir a-nuas dhuinn na coinnleirean òr,
 'S annt' càraibh na coinnlean geal céir,
 Lasaibh suas iad an seòmar a'bhròin, 
 Taigh aire seann chànan a'Ghaidheil;
 
 'Se siud bho chionn fhad' thuirt an nàmh,
 Ach fhathast tha beò Cànan nan Gaidheal.
 
 Chorus 
 
 4. Ged nach cluinnear a-nis i 's an dùn, 
 No'n talla nan cliar is nan còrn,
 Ged tha meòir' Chloinn 'ic Chriomain gun lúths, 
 Bho'n tric fheasgar ciùin dhòirteadh ceòl,
 
 Gidheadh, anns na h-Eileanan Siar
 'S i fhathast ann, ciad chàinnt' an t-sloigh.
 
 Chorus   
Другие материалы по этой песне:

https://primanota.net/traditional/canan-nan-gaidheal-lyrics.htm